Select here to go directly to the document text
 
  
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

 

18 Ògmhios 2010

BEACHDAN GAN SIREADH AGUS RANNSACHADH A’ DOL AIG TAIGH AN RÒID MU CHOSG CASGACH

Is e am feum a chuirear air airgead poblach gus droch thoraidhean sòisealta a chasg seach a làimhseachadh as cuspair don rannsachadh a chaidh a chur air bhog an-diugh le Comataidh an Ionmhais aig Pàrlamaid na h-Alba.

Tha beachdan gan sireadh leis a’ chomataidh mu dhòighean gus cosg a chuimseachadh air ceuman casgach anns an ùine fhada agus tha ùidh shònraichte aice ann am fianais bhon Rìoghachd Aonaichte air fad agus thall thairis a thaobh mar a shoirbhich le cosg casgach.

Agus an rannsachadh ga chur air bhog aige, thuirt Neach-gairm na Comataidh Anndra Welsh BPA:

“Tha an obair ùr a’ cur ris an rannsachadh a chum a’ chomataidh o chionn ghoirid mu lìbhrigeadh èifeachdach de sheirbheisean poblach, far an deach a ràdh nach bu chòir dòighean-dèiligidh mu chosg poblach anns an ùine fhada a chur air dhearmad, fiù’s nuair a thathar a' teannachadh air an sporan an-dràsta. Is e prìomh amas an rannsachaidh cur ris an deasbad leanmhaineach fharsaing mu chosg casgach.”

 

Cùl-fhiosrachadh

 

Tha beachdan a dhìth air a’ chomataidh mu na ceistean mòra a leanas:

 

  • Dè an dòigh as fheàrr gus airgead poblach a chuimseachadh thairis air an ùine fhada gus droch thoraidhean sòisealta a chasg seach a làimhseachadh?
  • Dè an fhianais a tha san Rìoghachd Aonaichte agus thall thairis a leigeas fhaicinn gun do shoirbhich le cur air adhart cosg casgach?
  • Tha Comataidh an Ionmhais air moladh a dhèanamh gun cùm Riaghaltas na h-Alba air a’ cuimseachadh caiteachais air obair chasgach. Gu dè an obair a bu chòir prìomhachas a thoirt dhi?
  • Dè an ìre dham bheil cosg casgach èifeachdach gus aghaidh a chur air a’ bhuaidh a thaobh ionmhais a bheir atharrachaidhean air àireamh an t-sluaigh?
  • Dè na prìomh chnapan-starra a tha ann air a bhith a’ feuchainn ri cosg a chuimseachadh air casg seach air làimhseachadh dhroch thoraidhean sòisealta?  A bheil e nas coltaiche nach soirbhich le cuimseachadh air cosg casgach agus suidheachadh an ionmhais mar a tha e an-dràsta?
  • Ciamar a nì sinn cinteach gun cùm sinn sùil air a’ bhuaidh a bheir cosg casgach anns an ùine fhada gus cruth a chur air buidseatan a rèir sin?
  • A bheil cho èifeachdach agus a bhios cosg casgach fo bhuaidh aig co dhiubh a tha na seirbheisean iomchaidh gan toirt seachad leis an roinn phoblaich, phrìobhaidich no shaor-thoilich?

Tha barrachd fiosrachaidh mun ghairm air fianais agus mu raon-ùghdarrais an rannsachaidh ri fhaotainn air làrach-lìn Chomataidh an Ionmhais aig:

http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/finance/inquiries/preventative.htm.

 

Airson fiosrachadh fhaotainn ceangailte ris na meadhanan, cuiribh fios gu:

Erlend Barclay: 0131 348 6085  Conaltradh RNID TypeTalk dì-beathte

Post-dealain: erlend.barclay@scottish.parliament.uk

Airson fiosrachadh fhaotainn ceangailte ris a’ chomataidh, cuiribh fios gu:

Terry Shevlin: 0131 348 5205  Conaltradh RNID TypeTalk dì-beathte

Post-dealain: terry.shevlin@scottish.parliament.uk

Airson fiosrachaidh mu na comataidhean air fad aig Pàrlamaid na h-Alba, rachaibh gu:

www.scottish.parliament.uk/business/committees/index.htm

Gus sealltainn air gnothaichean beò aig comataidhean no a' Phàrlamaid is anns an t-Seòmar, no air stuth air a thasgadh, rachaibh gu:

www.holyrood.tv/

Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org  

Faodaidh tu a-nis fios a chur chun Phàrlamaid le teachdaireachd teacsa. Leigidh an t-seirbheis eadar-ghnìomhach againn ainm do BhPA fhaighinn le bhith a’ cur do chòd-puist thugainn, leigidh e leat ceistean fhaighneachd mun Phàrlamaid agus a cuid obrach, agus leigidh e leat bileagan an-asgaidh iarraidh. Is e an àireamh ri chleachdadh 07786 209888. Cosgaidh teacsan ìrean lìonra àbhaisteach. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air ar Duilleag Seirbheis Teacsa.