Gàidhlig
|
Taisbeanadh nan ‘Sgeulachdan Siùbhlach’ aig Pàrlamaid na h-Alba a' fosgladh ann an Steòrnabhagh |
Fosglaidh taisbeanadh-siubhail far a bheil deichnear a-mach air ceanglaichean ri Pàrlamaid na h-Alba ann am Museum nan Eilean, Steòrnabhagh, Dimàirt 3 Lùnastal.
Mar phàirt den taisbeanadh tha sgeul Iain MhicLeòid, Gàidheal à Carlabhagh ann an Eilean Leòdhais bho dhùthchas, leis an do shoirbhich an iomairt aige airson tionnsgnaidhean ùra gus taic a chur ris a’ Ghàidhlig don ùine air thoiseach.
Anns an taisbeanadh eadar-ghnìomhach, a tha air 1,000 de mhìltean a shiubhal air feadh na h-Alba mar-thà, tha measgachadh de dhealbhan, mhìrean, stuth-èisteachd is stuth-amhairc. |
| Faigh a-mach barrachd: Leugh fios naidheachd mu Sgeulachdan Siùbhlach |
|
Fèis a’ toirt sùil air atharrachadh poilitigs ball-coise, comadaidh agus daoine òga |
Tha Pàrlamaid na h-Alba air clàr-ama de luchd-labhairt is cuspairean air leth airson Fèis na Poilitigs 2010 a chur an cèill.
A-nis airson an t-siathamh bliadhna, bidh an fhèis, a tha air duaisean a choisinn, ga cumail bho Dhimàirt 17 gu Disathairne 21 Lùnastal agus nam measg bidh 47 tachartasan anns am bi leithid Martin Bell, Annie Lennox agus An Ridire Malcolm Rifkind QC BP a’ gabhail pàirt. |
| Faigh a-mach barrachd: Leugh am fios naidheachd air Fèis na Poilitigs 2010 |
|
Aithisg bhliadhnail na Pàrlamaid 2009-10 air a foillseachadh |
Chaidh bliadhna thrang airson reachdas is airson gnìomhan com-pàirteachaidh a nochdadh an-diugh nuair a dh’fhoillsich Pàrlamaid na h-Alba a h-aithisg bhliadhnail.
A’ cur an cèill obair na Pàrlamaid bho 9 Cèitean 2009 gu 8 Cèitean 2010, tha an Aithisg a’ toirt sùil air obair làitheil Thaigh an Ròid, nam measg mion-fhiosrachadh mu gach comataidh pàrlamaideach cho math ri fiosrachadh mu phrìomh dheasbadan san t-Seòmar agus reachdas.
Rè na h-ùine sin, fhuair 15 bilean Aonta Rìoghail agus chaidh nan Achdan Pàrlamaid na
h-Alba. Bha tè dhiubh ga cur air adhart le BPA na beinge-cùil, bha tè na Bile Prìobhaideach
agus bha a’ chòrr nam bilean Riaghaltais. |
| Faigh a-mach barrachd: Tbh Taigh an Ròid | An Seòmar | Gnothaichean pàrlamaideach làthaireach is san àm ri teachd |
|
Comataidh gus sùil a thoirt air poileasaidhean ùraichte mu dhìon fiadh-bheatha |
Tha atharrachaidhean air am moladh a thaobh ceadachadh sitheann, reachdas poidsig, stiùireadh fèidh, laghannan ribe agus casg is smachd air seòrsaichean neo-dhùthachasach de bheathaichean buailteach air briseadh a-steach nam measg nan cuspairean air a bheil Comataidh Cùisean Dùthchail is Àrainneachd ag iarraidh beachdan agus i a’ tòiseachadh a sgrùdaidh de Bhile Fiadh-bheatha is Àrainneachd Nàdarra (Alba).
Is e amas a’ Bhile cuid de na laghannan eadar-dhealaichte ùrachadh a thaobh fiadh-bheatha is an àrainneachd nàdarra gus dearbhadh gu bheil iad freagarrach don 21mh linn.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Maureen Watt BPA: "Tha e cudromach gu bheil reachdas gus brosnachadh is dìon fiadh-bheatha agus àrainneachd nàdarra na h-Alba freagarrach don dà chuid, an là-an-diugh agus an t-àm a tha romhainn.”
|
| Faigh a-mach barrachd: Leugh am fios naidheachd |
|
Tursan Treòraichte Gàidhlig an-asgaidh aig Taigh an Ròid
|
Faodaidh muinntir na Gàidhlig turas an-asgaidh a ghabhail mu Thaigh an Ròid a-nis fhad is a bhios iad ag èisteachd ri iùl anns a' chànan aca fhèin.
Faodaidh luchd Gàidhlig a thèid air tursan-iùil innealan-làimhe a chleachdadh gus barrachd ionnsachadh mu Phàrlamaid na h-Alba.
Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Ailig MacFhearghais BPA: “Tha sinn moiteil mar Phàrlamaid às a bhith fosgailte is follaiseach agus is e adhbhar-gàirdeachais a tha ann an t-seirbheis mu dheireadh le cosgais do luchd-tadhail gu Taigh an Ròid a thoirt air falbh.
“Tha sinn an dòchas gun toir seo air fìù barrachd de luchd-labhairt na Gàidhlig a thighinn is a dh’fhaicinn na Pàrlamaid dhaibh fhèin.”
|
|
Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba |
Bidh sgioba Gàidhlig na Pàrlamaid a’ toirt seachad sheirbheisean Gàidhlig do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, a’ gabhail a-staigh foillseachaidhean. Tha Pàrlamaid na h-Alba air plana Gàidhlig reachdail ullachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Faodaidh tu sgrìobhadh no fònadh don Phàrlamaid sa Ghàidhlig: 0131 348 5395; gaidhlig@scottish.parliament.uk. |
| |
|