Tadhail, Ionnsaich, Eadar-obraich
Fàilte gu sianail Tadhal, Ionnsaich, Eadar-obraich.
Tha sinn an dòchas gum bi e furasta dhut an turas agad don Phàrlamaid a chur air dòigh, gun fhreagair e do cheistean mu obair na Pàrlamaid agus gum faigh thu barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ gabhail pàirt sa Phàrlamaid.
Ma tha thu ag iarraidh barrachd fiosrachaidh, cuir fios thugainn.
Tadhal Faigh a-mach far a bheil an togalach againn, mu ar n-uairean fosglaidh, mu program nan tursan treòraichte, mu ar crèche, café agus mu mar as urrainn dhut tiocaidean a chur air dòigh gus gnothaichean na Pàrlamaid fhaicinn.
Bùth
Faigh a-mach mu na prèasantan is cuimhneachain a tha rim faighinn ann am bùth na Pàrlamaid.
Bileagan fiosrachaidh
Leugh bileagan mun Phàrlamaid anns a’ Ghàidhlig agus òrdaich iad saor is an asgaidh leis an fhoirm òrdugh air-loidhne.
A' freagairt do cheistean
Cuir fios seirbheis fiosrachaidh a’ Phobaill le ur ceistean. Thathar a’ cur fàilte air ceistean sa Ghàidhlig.
Foghlam
Faigh a-mach mu phrògram nan tursan (Beurla) airson sgoiltean agus buidhnean foghlaim eile, ar seiminearan do luchd-teagaisg (Beurla) agus ar goireasan teagaisg. Tha goireasan foghlaim is tursan sgoile rim faighinn sa Ghàidhlig.
Co-chomhairlean làthaireach
Cur do bheachdan a-steach do cho-chomhairlean a tha Comataidhean na Pàrlamaid a' cumail.
Leabharlannan Com-pàirtiche
Tha fiosrachadh as ùire mu Phàrlamaid na h-Alba agus a h-obair aig na Leabharlannan Com-pàirtiche. Faigh a-mach barrachd mu Lìonra nan Leabharlannan Com-pàirtiche.
Gàidhlig
Ionnsaich mu Ghàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba, faic Plana Gàidhlig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba agus faic Poileasaidh Cànain Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba agus Cuideachadh a thaobh cànain a bhios Pàrlamaid na h-Alba a’ toirt seachad .
|